Produced by dragonhelmuk
Coinneach Odhar,
Leis an Urr. D. B. Blair, D. D. nach maireann.
SYDNEY, C. B.:"MAC-TALLA" OFFICE1900
[Ath-Sgrìobhadh an leabhar seo do leabhar-d le Lee Ramsay<l.c.ramsay.07@aberdeen.ac.uk> anns an Chèitean '09. 'S docha gu bhielna loidnichean beagan diofraichte, ach tha àireamh na duilleagan ceartgu leòr.—'S ann anns na braicaidean no air am mullach a' duilleige atha iad.]
Cha 'n eil ach duin' ainneamh am measg nan Gàidheal nach cuala bheagno mhór mu Choinneach Odhar, ach tha ùine cho fada o'n bha e ann—mudha cheud gu leth bliadhna—'s gu bheil eachdraidh a bheatha agus nafiosachdan a rinn e a dol ann an tomhas mor á cuimhne. Chuir an sàrGhàidheal, Alasdair Mac Coinnich, a mach leabhar beag Beurla muthimchioll an fhiosaiche ainmeil so anns a bhliadhna 1877,—leabhar afhuair deagh ainm aig an àm, agus a bha air a chur an clò uair no dhaan deigh sin. Tha an eachdraidh ghorid a th' anns an leabhran so opheann an Urr. D. B. Blair, D.D., nach maireann, aon de na sgoilearanGàilig a b' fhearr a bha riamh anns an dùthaich so. Bha i air aclo-bhualadh anns a MHAC-TALLA 'sa bhliadhna 1893, 'nuair a bha 'mpaipear sin air ùr-thòiseachadh. Thatar ga 'cur a mach anns a chruth soan dràsda an dòchas gu 'n taitinn i ris na Gàidheil aig am bheil gràdhdo chainnt agus do eachdraidh an sinnsear; agus ma nochdas iad an tlachdde 'n oidheirp le bhi ceannach an leabhrain, gabhar misneach guleabhraichean Gàilig eile a chur a mach o àm gu àm.
{1}
Coinneach Odhar,Am Fiosaiche.———Anns an àm a chaidh seachad b' àbhaist do na Gàidheil agus domhuinntir eile a bhi creidsinn gu mor ann an "Taibhsearachd," no an"Da shealladh," mar a theireadh iad. Bho cheann tri fichead bliadhnaagus a deich, nuair a bha an sgriobhadair so 'na ghiullan beag, ann amMùideart, ann an Gleann-Alladail, a' fuireach anns an taigh far an dochaidil Prionnsa Tearlach, nuair a bha e air a thurus guGleann-Fhionghain, far an do chuir e suas a' bhratach ri crann anns a'bhliadhna 1745, is iomad sgiala agus beulradh a chual' e mu dheibhinntaibhsearachd; oir, bha taibhsearan ann am Mùid-eart glé lionmhor aigan àm sin. Ann an {2} Lochabar, an deidh dha Mùideart fhàgail, bu trica chual e iomradh air Coinneach Odhar, am Fiosaiche,—Taibhsearainmeil a bha bho shean ann an taobh tuath na h-Alba. Theagamh nachcuala moran de na Gàidheil a rugadh anns an dùthaich so mu thimchioll;agus air son fiosrachaidh dhaibhsan, faodar beagan aithris an so, aréir a' chùnntais a chuir Mr. Alastair Mac Coinnich a mach mudheibhinn anns an leabhar a sgriobh e uime.
Rugadh Coinneach Mac Coinnich, no Coinneach Odhar, ann amBaile-na-Cille, an Sgireachd Uig, an Eilean Leodhais, mu thoiseach naseachdamh linn diag, mu 'n àm anns an robh Seumas-a-sia bho Albainn,no Seumas-a-h-aon air Sassun, 'na righ air Breatuinn, agus air Eirinnus Manainn. Cha 'n 'eil a bheag sam bith air chuimhne mu laithean'òige, ach a mhàin nuair a bha e anns na deugan, mu 'n robh e ficheadbliadhna dh' aois, gu 'n d' fhuair e Clach na Fiosachd, leis amb'urrainn da innseadh ciod a thachradh san àm ri tighinn. Fhuair e a'chlach air an dòigh so, mar their cuid:—Bha {3} a' mhàthair feasgaràraid, a reir a' bheulraite, a' buachailleachd a' chruidh air anàiridh, air leacuinn aonaich ris an abairteadh Cnoc-Eothail, os cionncladh Baile-na-Cille, an Uig. Mu mharbh mheadon oidhche chunnaic i ah-uile uaigh sa' chladh a' fosgladh, agus dòmhlas mor sluaigh ageiridh as na h-uaighibh, beag us mor, sean us og, bho 'n naoidhean gusan sean-athair liath, agus a' falbh gach rathad as a' chladh. An ceannuarach de thim thill iad